Prògram ùr an Riaghaltais

Tha am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, an-diugh air prìomh amasan an Riaghaltais airson na bliadhna air thoiseach a mhìneachadh.

’S iad:

* ath-leasachaidhean air seirbheisean cùraim a thoirt gu buil agus co-dhiù £800m a bharrachd a chosg air seirbheisean cùraim thar beatha na Pàrlamaid;

* cùraim-chloinne a thabhann ro sgoile, as dèidh na sgoile agus rè na saor-làithean;

* maoineachadh a bharrachd do sheirbheisean slàinte agus seirbheisean slàinte-inntinn duine ri duine;

* ath-leasachadh a dhèanamh air laghan aithneachadh gnè;

* mathanas a thoirt do mhèinneadairean a chaidh a dhìteadh anns na 1980an airson dol air stailc;

* riaghailtean cleasan-teine a’ neartachadh;

* reifreann a chumail air neo-eisimeileachd na h-Alba ro deireadh 2023.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.