Emma Roddick ga suidheachadh mar cho-neach-gairm buidheann LGDT+ Taigh an Ròid

Chaidh Emma Roddick BPA a shuidheachadh mar cho-neach-gairm buidheann thar-phàrtaidh LGDT+ Taigh an Ròid.

Is e ceann-uidhe a’ bhuidhinn cùisean a tha cudromach don choimhearsnachd LGDT+ an Alba a dheasbad agus a bhrosnachadh gus am beathannan a dhèanamh nas fheàrr.

Is i Roddick a’ chiad BPA LGDT+ airson na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

Bidh i ag obair còmhla ris a’ BhPA Tòraidheach Jamie Greene san dreuchd.

**[^1] Nochd [an t-artaigil seo air Geidh.uk](https://geidh.uk/2021/09/08/emma-roddick-ga-suidheachadh-mar-cho-neach-gairm-buidheann-lgdt-taigh-an-roid/) bho thùs.**

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.