Mu mo dheidhinn

Is mise Crìstean MacMhìcheil. Rugadh is thogadh mi ann an Siorrachd Rois.

Cheumnaich mi bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh.

Ann an 2007, stèidhich mi AbairThusa1, a bha na chiad lìonra sòisealta Ghàidhlig, ach dhùin e ann an 2012.

Nuair a bha mi na b’ òige, cha robh mi eòlach air Gèidheil (Gàidheil LGDTC+) sam bith eile agus mar sin stèidhich mi am buidheann Bebo ‘GayGaels’ airson àite a thoirt do Ghèidheil a bhith a’ conaltradh ri chèile.

Ann an 2008, stèidhich mi am blog naidheachd LGDTC+, An Gèidheal Ùr2.

Ann an 2020, chruthaich mi an t‑seirbheis aimsir Ghàidhlig3, Aimsir.scot.

Tha mi nam bhìogan.

Fo-sgriobh

Inbhir RSS. https://criomagan.scot/rss/

Cuir fios

Post-d. fios@criomagan.scot

Notaichean

  1. Tha leth‑bhreac dheth fhathast ri lorg san tasg‑lann aig The Internet Archive 
  2. B’ e Naidheachdan Pinc a th’ ainm a bh’ air bho thùs. 
  3. Faodar ga cleachdadh sa Gaeilge cuideachd.