Microsoft a' cur stad air leasachadh SwiftKey airson iOS
Bidh Microsoft a’ toirt SwiftKey às a’ bhùth air iOS 5mh An Dàmhair.
Mura h-eil thu eòlach air, ’s e an aon mheur-chlàr agus dearbhair-litreachaidh Gàidhlig a tha ri fhaighinn airson iOS a th’ ann an SwiftKey.
Faodar SwiftKey cuideachd a chleachdadh le Albais, Gaeilge, Gàidhlig Mhanainn, Cuimris, Còrnais, is mòran cànain a bharrachd air a’ Ghàidhlig.
Tha Microsoft air dearbhadh nach gabh SwiftKey a stàladh air iOS as dèidh 5mh Dàmhair ach obraichidh e fhathast ma thathar air a stàladh air fòn-làimhe ron a sheo.
Ma tha sibh airson a stàladh, faodaidh sibh a lorg an-seo.