Duais do Fhèis Rois

05 An t-Sultain 2021

Tha Fèis Rois air duais fhaighinn airson ùr-ghnàthachadh didseatach ri linn a’ choròna-bhìoras.

Chaidh an duais a bhuileachadh air a’ bhuidhean le Nicky Marr aig cuirm Duaisean Ban-ghnìomhachais na Gàidhealtachd a chaidh a chumail air loidhne Diardaoin.

Thuirt Bmh. Marr gun do dhrùidh an dòigh anns a chleachd Fèis Rois ùrlaran didseatach gus ceangal ri daoine air feadh an t-saoghal ri linn a’ choròna-bhìoras air na britheamhan.

• • •

Ministear ùr airson a' Ghàidhlig an Alba Nuadh

02 An t-Sultain 2021

Dh’ainmich prìomhaire ùr Alba Nuaidh, Tim Houston, an caibineat aige Dimàirt.

A-measg nam ministearan ùra, chaidh Ailean MacMhaighstir, a thaghadh mar Mhinistear le dleastanas airson a’ Ghàidhlig.

Tha e air a bhith na Mhinistear airson sgìre Inbhir Nis bho 2009 is e air taic a chumail ri iomairtean Gàidhlig thar nam bliadhnaichean.

• • •

£45m a bharrachd ga phàigheadh air cosgaisean lìbhrigidh

25 An Lùnastal 2021

Tha figearan ùra bho Ionad Fiosrachaidh Pàrlamaid na h-Alba a’ sealltainn gu bheil luchd-ceannaich an Alba a’ pàigheadh cha mhòr cho mòr ri £45m a bharrachd air cosgaisean airson pharsailean.

Tha na figearan a’ sealltainn gur ann aig sgìre an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair is Bhàideanach a tha na cosgaisean as motha, £9.06m.

Tha sgìre Inbhir Nis is Inbhir Narainn a’ pàigheadh £8.4m a bharrachd agus tha sgìre Ghallaibh, Chataibh is Rois a’ pàigheadh £6.9m a bharrachd.

Tha a’ bhuidheann Advice Direct Scotland ag obair gus cur an aghaidh nan cosgaisean a bharrachd agus tha iad air foirm air loidhne a chur air an làrach-lìn aca a ghabhas a chleachdadh gus fios a chur thuca mu chosgaisean lìbhrigidh mì-chothromach.

• • •

Poileas ag iarraidh fiosrachaidh mu thubaist bhàsmhor

24 An Lùnastal 2021

Tha na Poileas airson cluinntinn bho duine sam bith a chunnaic tubaist mu 5.30f Diluain far an deach neach-baidhseagail a mharbhadh le làraidh air an A85 faisg air a’ Chrìon Làraich.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm, ach bhàsaich an duine aig làrach na tubaist.

Bu chòir do dhuine sam bith a chunnaic an tubaist fios a chur gu na Poileas air 101 a’ toirt seachad àireamh 3034 airson 23mh den Lùnastal.

• • •

Bealach na Bà gu bhith dùinte rè ùine

24 An Lùnastal 2021

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air ainmeachadh gum bi rathad Bhealach na Bà a’ dùnadh Disathairne 11mh den t-Sultain eadar 10:30m agus 1:30f mar thoradh air tachartas rothaireachd.

Cha bhi ach carbadan èiginneach agus carbadan a tha an-sàs anns an rèis comasach air an C1087 a chleachdadh eadar Treamhar nam Preas agus a’ Chomraich.

Bu chòir do charbadan eile an A896 (Treamhar nam Preas – Sìldeag) agus an C1091 (Sìldeag – A’ Chomraich) a leantainn gus an rathad dùinte a sheachnadh.

• • •

Fear air a lorg slàn sàbhailte

24 An Lùnastal 2021

Tha na Poileas ann an Inbhir Nis air dearbhadh gun deach fear a bha a dhìth a lorg slàn sàbhailte.

Bha na Poileas air taic an t-sluaigh iarraidh Diluain gus lorg fhaighinn air Colin Jamieson Neil Sanders, 20, a bha a dhìth bho sgire Inbhir Nis.

Thug na Poileas taing dhan mhòr-shluaigh airson an cuideachadh leis an lorg.

• • •

Fear à Inbhir Nis a dhìth

23 An Lùnastal 2021

Tha na Poileas ann an Inbhir Nis airson cluinntinn bho dhuine sam bith a chunnaic fear à Inbhir Nis a tha a dhìth.

Tha Colin Jamieson Neil Sanders, 20, 5’8″ de dh’àirde, ‘s e caol.

Tha iad dhen bheachd gu bheil brògan-trèanaidh geala, briogais-jogaidh dhorcha agus lèine-t dhubh air.

Tha na Poileas ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic e fios a chur thuca air 101.

• • •

Coimiseanair ùr do Choimisean na Croitearachd

23 An Lùnastal 2021

Chaidh ainmeachadh gur e Eairsidh Mac an Aba na Choimiseanair ùr airson Taobh Sear na Gàidhealtachd aig Coimisean na Croitearachd.

Tha seo às dèidh mar a leig Rod MacChoinnich dheth a dhreuchd o chionn ghoirid.

Tha Mgr. Mac an Aba air a bhith ag obair airson a’ Choimisean agus Roinn an Àiteachais fad 33 bliadhna agus e a-nis ag obair làn-ùine air a’ chroit aige ann an Siorrachd Rois.

• • •

Fiosrachadh a dhìth an dèidh droch thubaist-rathaid

23 An Lùnastal 2021

Tha Poileas a’ sireadh fiosrachaidh an dèidh droch thubaist-rathaid a thachair mu 1:00f Didòmhnaich, air an A87, eadar an Caol agus Baile Mac Ara.

Faodaidh duine sam bith le fiosrachadh a bhruidhinn riutha air an àireimh-fòna 101, a’ toirt seachad àiream 1969 bhon 22na là den Lùnastal.

• • •