An Dearbhair Bheag ann am macOS
Air ùrachadh: 22mh An Gearran 2023
Tha an Dearbhair Bheag ’na dhearbhair-litreachaidh a tha stèidhichte air stòr-dàta nam faclan a tha san Fhaclair Bheag agus is esan an dearbhair as motha a tha ri fhaighinn aig an àm seo. Tha e air a fhilleadh ann an tionndaidhean Gàidhlig de na prògraman LibreOffice, OpenOffice agus Firefox o thùs. Is e adhbhar am post seo ge-tà sealltainn dhut mar a ghabhas a chleachdadh le taghadh nas fharsainge de phrògraman ann am MacOS.
Tha stiùireadh air iGàidhlig ma tha thu airson a chleachdadh ann am Firefox, LibreOffice no OpenOffice.
Faodar a stàladh air macOS cuideachd agus gabhar a chleachdadh an uair sin anns a’ chuid as motha de dh’aplacaidean bho Apple is luchd-leasachaidh eile.
Stiùireadh stàlaidh
- Luchdaich sìos an tionndadh as ùire bho làrach-lìn LibreOffice. ’S e 3.5 a th’ ann an-dràsta - 22mh An Gearran 2023.
- Nuair a tha thu air an fhaidhle seo a luchdachadh sìos feumaidh tu a ath-ainmeachadh bho hunspell-gd-3.5.oxt gu hunspell-gd-3.5.zip.
- Dì-dhùmhlaich am faidhle zip agus gheibh thu am pasgain hunspell-gd-3.5.
- Anns a’ phasgain seo, lorgaidh tu pasgain eile, Dictionariesanns a bhios dà fhaidhle; gd_GB.aff, agus gd_GB.dic.
- Tagh an dà fhaidhle seo agus gluais iad gu ~/Library/Spelling/no /Library/Spelling/.
Stiùireadh cleachdaidh
- Fosgail aplacaid sgrìobhaidh a-leithid Mail, Notes no TextEdit (Bu chòir dha obrachadh anns a’ chuid as motha de dh’aplacaidean bho Apple fhèin agus ann an iomadh aplacaid bho luchd-leasachaidh eile.).
- Brùth air Edit -> Spelling and Grammar -> Show Spelling and Grammar.
- Atharraich Automatic by Language gu Gàidhlig (Library).
- Dùin a’ bhogsa Spelling and Grammar.
- Faodaidh tu tòiseachadh air sgrìobhadh.
- Chi thu loidhne dearg fo fhaclan ceàrr agus faodaidh tu brùthadh orra leis a’putan-lucha deas gus an ceartachadh. Air neo faodaidh tu an sgrìobhainn air fad a cheartachadh le bhith a’ fosgladh Spelling and Grammar a-rithist (ceum 2).