• Càin is casg dràibhidh airson dràibhear a shiubhal aig 116msu air an A9

    Tha Ministreachd an Dìon air ainmeachadh an-diugh, air Là AIDS na Cruinne, gun tog iad an casg a th’ air daoine le HIV bho seirbheis san arm.

    Tha Ministreachd an Dìon air ainmeachadh an-diugh, air Là AIDS na Cruinne, gun tog iad an casg a th’ air daoine le HIV bho seirbheis san arm.

    Bho chionn 1985 tha casg air a bhith air daoine le HIV bho seirbheis san arm air sgàth ’s gu bheil am Ministreachd ag ràdh nach eil iad “fiot gu leòr”.

    Tha cuideachd casg air daoine a bhios a’ gabhail chungaidhean-leigheis a leithid PrEP (Leigheas ro-chasgach ro-ghabhalach) gus an dìon fhèin bho HIV fhaighinn air sgàth ’s gu bheil cungaidhean-leighis riaghailteach na dùbhlan logastachd air an arm.

    Thathar an dùil gun tèid an casg a thogail as t-earrach.

    Nochd an sgeulachd seo air a’ Ghèidheal Ùr o thùs.


  • Dàil air cuid de dh’obair-lannsa sna h-Eileanan

    Tha NHS nan Eilean Siar air dàil a chur air cuid de dh’obair-lannsa agus coinneamhan dotair mar thoradh an cuideam a tha coròna-bhìoras a chur air na seirbheisean aca.

    Thuirt am bòrd gum feum iad prìomhachas a thoirt dha na h-euslaintich as motha a tha feumach air cùram èiginneach is iad ag iarraidh air daoine gun a dhol gu ionadan tubaiste is èiginn ach ma tha am beatha ann an cunnart.

    Thèid fios a chur gu euslaintich air a bheil seo a’ toirt buaidh.

    Thuirt Àrd-oifigear a’ bhùird, Gòrdan Jamieson, gur e co-dhùnadh doirbh a bha seo agus gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air an suidheachadh gach seachdain.


  • Fireannach fo chasaid oidhirp air murt an Inbhir Nis

    Thèid neach-amharais mu choinneamh diùraidh san Fhaoilleach fo chasaid oidhirp fireannach a mhurt le bhith ga bhualadh air a cheann le àmhainn meanbh-thonn.

    Thathar ag aithris gun tug William Williamson ionnsaigh air Gary Paterson ann am flat an Inbhir Nis sa Mhàrt am-bliadhna.

    Tha luchd-casaid ag ràdh gun deach dòrn a thoirt dha Mgr Paterson uair is uair, chaidh a bhìdeadh air a chluas, a bhualadh le bàr meatailteach agus a bhualadh air a cheann le àmhainn meanbh-thonn.

    Tha Mgr Williamson cuideachd fo chasaid baga a ghoid bho Mgr Paterson.