Srèana ùr de Chovid-19 san Rìoghachd Aonaichte

Tha Rùnaire Stàite na Slàinte is a’ Chùraim Shòisealta, Sajid Javid, air ainmeachadh gu bheil dà chùis de dh’Omicron, an srèana ùr de Chovid-19 a thig à Afraga a Deas, air nochdadh san Rìoghachd Aonaichte.

Chaidh aon chùis a dhearbhadh ann an Chelmsford agus tè eile ann an Nottingham.

Tha na pearsachan agus na teaghlaichean aca a-nis gan cumail fhèin air leth.

Tha Roinn na Slàinte air ràdh gu bheil an dà chùis co-cheangailte ri chèile agus ri siubhal ann an Afraga a Deas.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.