Tha Oifis na Sìde a’ sgaoileadh rabhadh orainds airson ceann a tuath agus taobh sear na h-Alba ’s iad ag ràdh gu bheil dùil ri gaoith suas ri 75m.s.u bho thuath no an iar-thuath ann an cuid de sgìrean.
Tha an rabhadh an-sàs bho 3:00 feasgar Dihaoine gu 9:00 madainn Disathairne.
Tha iad cuideachd a’ sgaoileadh rabhadh buidhe airson gaoithe anns a’ chòrr de dh’Alba agus rabhadh buidhe airson sneachda mu thuath.
Fàg freagairt