Tha Poileas Alba a’ sireadh fiosrachaidh as dèidh mar a dh’fhulaing boireannach, 35, ionnsaigh dhrabasta an Inbhir Nis.
Thachair an ionnsaigh mu 2:15m Diciadain air Brown Street.
Thuirt an Detective Sàirdseant Crìsdean MacLeòid nach deach am boireannach a ghoirteachadh.
Tha na poilis airson bruidhinn ri fireannach a tha timcheall air 40 bliadhna a dh’aois, mu 5tr 8or a dh’àirde, caol le falt donn goirid.
Bha seacaid no geansaidh dorcha agus briogais soilleir air.
Tha iad ag iarraidh air neach sam bith aig a bheil fiosrachadh fios a chur thuca air 101 a’ toirt seachad an àireamh 0208 airson an 24mh latha dhen t-Samhain.
Fàg freagairt