Tha britheamh air co-dhùnadh gu bheil Uilleam MacDhùghaill fiot gu leòr airson dol gu cùirt fo chasaid moirt Renee NicRath agus a balach òg, Anndra, bho chionn 45 bliadhna.
Cha deach na cuirp aca a lorg a-riamh.
Bha dragh ann nach biodh Mgr MacDhùghaill, 80, fiot gu leòr as dèidh dha amhaich a leòn aig an dhachaigh bho chionn ghoirid.
Ach tha co-dhùnadh a’ bhritheimh a’ ciallachadh gun tèid a’ chùis mu choinneamh diùraidh san Àrd-chùirt ann an Inbhir Nis san t-Sultain an ath-bhliadhna.
Fàg freagairt