Dh’ainmich am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, nach tèid sgeama nan teisteanas banachdaich a leudachadh ann an Alba agus gum bidh Albannaich comasach air ionadan agus tachartasan a frithealadh le bhith a’ sealltainn toradh deuchainne lateral flow àicheil.
Bidh feum fhathast air teisteanas banachdaich a shealltainn aig toglaichean fo cheadachd aig a bheil làr-dannsa; tachartasan a-staigh gun suidheachanan far a bhios còrr ‘s 500 an làthair; tachartasan a-muigh gun suidheachanan far a bhios còrr ‘s 4,000 an làthair; agus tachartasan sam bith far a bhios còrr ‘s 10,000 an làthair.
Tòisichidh an sgeama ùr air an 6mh latha dhen Dùbhlachd.
Fàg freagairt