Fear a dhìth à Ceann a' Ghiùthsaich

Tha Poileas Alba a’ sireadh fiosrachaidh mu Ross McQuade a tha a dhìth à Ceann a’ Ghiùthsaich.

Chan fhacar bho Mgr McQuade bho 9f Didòmhnaich.

Tha e 6’2″ a dh’àirde is tha falt dhonn ghoirid agus bun feusaig air.

Thathar a’ creidsinn gu bheil dìnichean ghorm, hoodie dhorcha agus bòtainnean no brògan-trèanaidh dhubh is pinc air.

Bu chòir do dhuine sam bhith le fiosrachadh mu a dheidhinn fòn a chur gu 101 a’ toirt seachad an àireamh 0093 airson an 4mh latha dhen Dàmhair.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.