Saighdearan gan toirt a-steach gus ambaileansan a dhràibheadh

Chaidh ainmeachadh an-diugh gun tòisich saighdearan a’ dràibheadh ambaileansan dha Seirbheis Ambaileans na h-Alba Disathairne.

Dhearbh Ministreachd an Dìon gum bidh iad a’ solarachadh 114 dràibhear agus 111 neach-obrach a bharrachd a bhios ag obair ann an ionadan-deuchainn Chovid.

A bharrachd air sin, tha Rùnaire na Slàinte, Humza Yousaf, air ainmeachadh gun tig barrachd thaic bhon t-seirbheis-smàlaidh agus gun tèid £20m a bharrachd de mhaoineachadh a thoirt dhan t-seirbheis-ambaileans.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.