Tha figearan ùra bho Ionad Fiosrachaidh Pàrlamaid na h-Alba a’ sealltainn gu bheil luchd-ceannaich an Alba a’ pàigheadh cha mhòr cho mòr ri £45m a bharrachd air cosgaisean airson pharsailean.
Tha na figearan a’ sealltainn gur ann aig sgìre an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair is Bhàideanach a tha na cosgaisean as motha, £9.06m.
Tha sgìre Inbhir Nis is Inbhir Narainn a’ pàigheadh £8.4m a bharrachd agus tha sgìre Ghallaibh, Chataibh is Rois a’ pàigheadh £6.9m a bharrachd.
Tha a’ bhuidheann Advice Direct Scotland ag obair gus cur an aghaidh nan cosgaisean a bharrachd agus tha iad air foirm air loidhne a chur air an làrach-lìn aca a ghabhas a chleachdadh gus fios a chur thuca mu chosgaisean lìbhrigidh mì-chothromach.
Fàg freagairt