Gu mì-fhòrtanach chan eil cus Gàidhlig ann am macOS aig an ìre-sa ach o Mac OS X 10.8 a-mach ’s urrainn dhut Gàidhlig a thaghadh mar locale. Tha seo a’ ciallachadh gum bi prògraman treas-phàrtaidh a leithid Opera, VLC agus LibreOffice (agus prògraman eile a chleachdas gleus a dh’atharraicheas cànan nam prògraman a-rèir an locale) a’ nochdadh anns a’ Ghàidhlig ged nach bi na prògraman a thàinig le Apple fhèin.
Airson Gàidhlig a thaghadh mar locale feumaidh tu na leanas a dhèanamh:
macOS 10.8 agus nas sìne:
System Preferences » Language & Text » Edit List » Tagh Gàidhlig ’s dèan cinnteach gu bheil i aig mullach na liosta
macOS 10.9 agus nas ùire:
System Preferences » Language & Region » + » Tagh Gàidhlig ’s dèan cinnteach gu bheil i aig mullach na liosta
Nuair a tha thu air sin a dhèanamh bidh am mìosachan, an ceann-latha agus cuid a phrògraman treas-phàrtaidh a’ nochdadh na Gàidhlig.
Mar seo:
(‘S ann à macOS 10.13.4 a tha na dealbhan gu h-ìosal).
Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.