Faodar stràcan a dhèanamh air Mac OS X le bhith a’ cliogadh OPTION (⌥) + ` + LITIR, mar eisimpleir OPTION (⌥) + ` + a = à.
Ach ann am Mac OS X 10.7 Lion faodar stràcan a dhèanamh le bhith a’ cumail sìos an litir a tha a dhith. Mar eisimpleir chum sìos a agus gheibh sibh popup de stràcan a tha a’ buntainn ris an litir a, dìreach mar a gheibheadh sibh air fòn-làimhe.
Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.